Tracey MacNeil

Cape Breton

Tracey MacNeil has actively contributed to the fields of education, culture, and community economic development thus far in her career. With a passion for entrepreneurialism, she has owned and operated her own business in Gaelic Cultural Education, most recently embarking upon the creation and publication of unique Gaelic literacy resources for pre-school to elementary-aged children, in collaboration with her oldest daughter. Tracey holds a Bachelor of Education from St. Francis Xavier University in Antigonish, Nova Scotia, a Bachelor of Business Administration, and a Master of Business Administration in Community Economic Development from Cape Breton University on Cape Breton Island. She works at Cape Breton University as Training Lead in addition to teaching part-time in the Shannon School of Business, CBU. Following fifteen years of international travel as a professional musician, Tracey now resides on her home island of Cape Breton, along with her husband and their five daughters.

Tha Treasag NicNìll air a bhith an-sàs ann am foghlam, cultar agus leasachadh eaconomach ann an coimhearsnachdan na cuid obrach gu ruige seo. Tha ùidh mhór aice ann an entrepeneurachd agus tha gnìomhachas aice ri foghlam cultar na Gàidhlig. O chionn ghoirid, thòisich i fhéin agus an nighean as sine aice air goireasan litireachd na Gàidhlig a chruthachadh do chloinn. Tha ceum ann am Foghlam (BEd.) aig Treasag bho Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier, ceum ann an Rianachas Gnìomhachais (BBA) agus ceum Maighstearachd ann an Rianachas Gnìomhachais (MBA) ann an Leasachadh Coimhearsnachd bho Oilthigh Cheap Breatainn. Tha i ag obair aig Oilthigh Cheap Breatainn mar Stiùiriche Trèanaidh agus bidh i cuideachd a’ teagasg pàirt-ùine ann an Sgoil Ghnìomhachas Shionainn. Ás déidh còig bliadhna deug a’ siubhal fad is farsaing mar cheòladair proifeasanta, tha Trèasag a-nis a’ fuireach anns an eilean far an do rugadh i, Ceap Breatainn, còmhla ris an duine aice agus an còignear nigheannan.

Back to Top